![]() |
"Grants of Glenmoriston" By Rev Andrew Sinclair Chapter II |
An elegy on Colonel Grant of Glenmoriston, a distinguished officer in the Indian army, who died in 1801.
I |
Fhir leughaidh mo sgeòil, | |
---|---|---|
Thoir eisdeachd do m’ glòir, | ||
Ma gheur latha bròin, | ||
[78]Ma dheighinn Iain Oig, | ||
’O chaisteal a cheòil, | ||
Chaidh thasgaidh fo ’n fhòd, | ||
Ann an clàr chiste bhord, | ||
’S ma’s a leir dhomh a chòir, | ||
Cha ’n innis mi sgleò mhearachdach. | ||
Fhir leughaidh mo sgeòil, &c. | ||
II |
’S ann tha ’n t-ailleagan uainn, | |
’O Dhimairt anns an uaigh, | ||
Gur a cràiteach do ’n tuath, | ||
Thu ga’m fagail cho luath, | ||
’N am a mhail a thoirt uath. | ||
Bha iochd ’us blaths ’us mór thruas an ceangal ruit. | ||
’S ann tha ’n t-ailleagan uainn, &c. | ||
III |
’N osag dhosguinneach fhuar, | |
Lóm nochdaidh gun truas, | ||
Fhrois i ’n cruithneachd ma ’sguaib, | ||
Rinn i bearn san Taobh-tuadh, | ||
Ann an aireamh dhaoin’ naisl’, | ||
S anns gach àite mu’n cuairt sam faighear iad. | ||
‘N osag dhosguinneach fhuar, &c. | ||
IV |
’Si ’n ruag chailiteach gun chliù, | |
Rug air muinntir do dhùch’, | ||
On chaidh ’n ceannard thoirt dhiubh. | ||
[79]Ataidh ’n dàm leis a bhùrn, | ||
’S gheibh i àm gu tighinn dlù, | ||
S bith’ iad bàite nan duisg gun fhaireachadh. | ||
’Si ’n ruag chaillteach. &c. | ||
V |
Ach glóir do ’n Ard-Righ, | |
’N t-oighre dh’fhag thu, | ||
Do ’n ainm Padruig, | ||
Tha tigh’n ’n ’a d’ àite | ||
De ’n fhior fhuil àluinn | ||
Rioghail àghail aighearach. | ||
Ach glòir do ’n Ard-Righ, &c. |
||
VI |
’S ann ’s na h-Innseachan-shios, | |
Fhuair thu ’n onair ’s tu b’fhiach, | ||
’S tu ’nad ’cheannard nan ciad. | ||
Ghlac thu càmp nam fear ciar, | ||
Bho ’n bha ’n t-Ard-righ gad’ dhion, | ||
Thug E sabhailt’ thu nios | ||
Gus an d’thainig a chrioch a’ d’ thalamh ort. | ||
’S an ’n sna h-Innseachan-shios. |
||
VII |
Ann an Inbhir a chiùil, | |
Thainig crioch air do chùrs’, | ||
Fhir ghasd’bu mhór cliù. | ||
Cha’n fhaiceir tuilleadh do ghnùis, | ||
Lion mulad ’us tùrs’ gu maireann sinn. | ||
Ann an Inbhair a chiùil. |
[80] THE SOLDIER’S SONG: ORAN AN T-SAIGHDEAR.
This poem is one of Grant’s best. He touches with a master’s hand on his many adventures by sea and land, and the dangers and sufferings inseparable from military life. And although he acted his part bravely on duty, the tenderness of heart so manifest in this poem, leads us to think, a soldier’s life was not congenial. This is quite apparent in “The Soldier’s Song.”
I |
Na ’m biodh duine ’na m’ chóir, | |
---|---|---|
A dh’eisdeadh ri m’ ghlòir, | ||
Cha ’n eil mo cheann sgeóil gun reúsan. | ||
Tha m’ aigne cho mòr | ||
Air a lionadh le bròn | ||
’S nach eil mi an doigh ach éigneach. | ||
II |
Ge d’ nach eil mi ach òg | |
’S beag m’ aire ri ceòl, | ||
Rinn m’ aighear ’s mo phròis mo threigsinn, | ||
Dol do ’n arm de m’ cheart deòin, | ||
’S mi chaidh iomrall sa cheò, | ||
Mo bharagan cha d’ chord na dheigh rium. | ||
III |
[81] Fhir a shiubhlas ma Thuath, | |
Thoir an t-soraidh so uam, | ||
Far nach d’fhag mi fear m’fhuath am dheigh ann. | ||
Ma ’s math leat bhi buan, | ||
’N uair chluinneas tu ’n duan, | ||
Thoir aire, cum cluais ’us eisd rium. |
||
IV |
Gur e lughad urn dhuais, | |
’Us an sentry bhi fuar, | ||
Rinn m’ inntinn cho luath a leireadh. | ||
A mheith dhiom mo shnuagh, | ||
Dh’fhag tana mo ghruaidh, | ||
Mhill trian de na fhuair mi leirsinn. | ||
V |
’N uair a shuidh sinn aig òl, | |
’Sa laimhsich mi ’n t-òr, | ||
Bha moran mu ’n bhord gar n-eisdeachd. | ||
Bha danns’ ann ’us ceòl, | ||
Cuir na bainnse air seòl, | ||
’S e mo chall-sa bha mor an deigh sud. |
||
VI |
Fhuair mi bann agus còir, | |
Mar ri gealltanas mòr, | ||
Air nighean Righ Deors’ mar chéile. | ||
’Na ’n creidinn an glòir, | ||
[82]Cha b’eagal ri m’ bheò, | ||
Dhomh, an airgeod an òr ’n eideadh! | ||
VII |
’S iomadh oidhche fhliuch fhuar, | |
Thug mi marcachd a chuain, | ||
’O na chinn an dath ruadh ’s air m’ eideadh. | ||
Thug mi turus da uair, | ||
Gu Righ Lochluinn nan cuach, | ||
’S ann d’a rioghachd bu chruaidh an sgeula. | ||
VIII |
Cha robh dad san robh luach | |
Eadar luingeas’ us shluagh, | ||
Nach do ghlac sinn an cluain a chéile, | ||
Chuir sinn gaiseadh na sguaib, | ||
Loisg sinn aitribh na gual, | ||
S thug sinn creach leinn le ruaig beum-sgeithe. | ||
IX |
Blia mi ’m Portugal thall, | |
S cha b’e m’ fhortan a bh’ann, | ||
’N uair a nochd srnn co ’n iann bu gheire. | ||
N uair a ghlac sinn sa champ, | ||
Siol altruim na Fraing, | ||
Cha robh ’n tuasaid ud màll mu’n d’gheill iad. | ||
X |
Luaidhe ghlas dol na deann, | |
Feadh ghlaic agus ghleann, | ||
[83]Gun aon fhocal commannd ga eisdeachd. | ||
’S lionmhor marcach each seang, | ||
’Us a chlosaich gun cheann, | ||
Caoin air ascaoin ’se bh’ann ’s cha réite. |
||
XI |
’S iomadh glaic agus gleann, | |
An Sasunn, san Fhraing | ||
’Us am Portugal thall ’us Eirinn, | ||
Far ’n do leag mi mo cheann, | ||
Feadh fhàsach ’us bheann, | ||
Far nach freagradh dhomh mall bhi ’g éiridh. | ||
XII |
Fuaim feadan thri bann, | |
’S fear ga spreigeadh sa champ, |
||
Ge d’ is beag a bha shannt orm eisdeachd, | ||
B’fhearr leum géum aig mart seang, | ||
Dol do ’n eadradh sa ghleann, | ||
’S bean ga leagadh am fang sa chéitein. | ||
XIII |
’S iomadh fardach ’us fròg, | |
’San do ghabh mi trath-nòin, | ||
Bho na fhuair mi cheud chota ’s leine. | ||
Agus clar agus bòrd | ||
Air na chaireadh dhomh lòn | ||
S tric a phaigh mi an t-òr na éirig. | ||
XIV |
[84] Cha ’n eil cearn’ do ’n Roinn-Eorp’, | |
Edar traigh us Tir-mhòr, | ||
Nach eil làrach mo bhroig ’s mo chéum ann. | ||
Siubhal fhàsaichean feòir, | ||
Agus ard bheanna mòr, | ||
Air naimhdean cuir tòir ’us éiginn. | ||
XV |
’S ge d’bha m’fhuil air a bhlàr, | |
Cur mo naimhdean gu làr, | ||
’S ann a fhuair mi ’n cruaidh chàs na dheigh sin. | ||
Bha an uair gu ro bhlàth, | ||
Mu’n do chuireadh am blàr | ||
Agus cuan do dh’fhuil bhàit’ fo m’ leine. | ||
XVI |
Ach cha d’ shocraich mo shàil, | |
Gus ’n do chuir iad mi ’n Spainn. | ||
Teas us fuachd ann am pairt a cheile. | ||
Mar ri sluagh air bheag baigh, |
||
Nach gabh truas ri fear càis, | ||
Ge d’ a bhuail air am bàs na eiginn. | ||
XVII |
’S fhad ’on chualadh tu chainnt, | |
Mar a theireir san rànn, | ||
Cha dean aithreachas mall bonn feuma. | ||
’S mise dh’fhainich san àm, | ||
[85] Chaidh mo tharruing san rang, | ||
Nach robh cairdeas aig ceann ri cheile. |
||
XVIII |
Cha ’n fhain’chear san rang, | |
Co dhiubh ’s Gaidheal na Gall, | ||
’N uair thig e le pheann mar chleireach. | ||
’N uair gheibh e ’n commannd | ||
Tha e coma dhe m’ chall, | ||
Och! tha mise air mo shnaim on cheud la. |
Archibald Grant — Archie Taillear — was a son of John Grant formerly mentioned, and born at Aonach in Glenmoriston, about the year 1785. In early life he joined the Glengarry Fencibles. After retiring, he lived a quiet uneventful life with his sister Catharine in their little turf-thatched cottage at Aonach, subsisting on the proceeds of his tailoring trade, which in those days was a peripatetic employment, and included board as well as money remuneration. Archie was invariably a welcome guest wherever he went. His fund of anecdote, his store of legendary lore, his ready wit, his poetic gift, as well as his professional accomplishments,
[86]
were a passport to every home in the Glen. He could neither read nor write, and knew no language but his native Gaelic. He died in 1870, in the eighty-fifth year of his age; and very probably in him we have the last of a class of men that in their day made their mark in the Highlands of Scotland.
A COIREDHO HUNTING SONG: ORAN SEILGE ANN AN COIREDHO.
This Coiredho song is a good specimen of a Highland hunting song. Coiredho, a wild uninhabited region between Glenmoriston and Kintail, has all along been the Glenmoriston deer forest. And when the poet’s friend and patron, James Murray Grant, Esq., went on a hunting expedition to Coiredho, the bard, who knew the localities intimately, usually accompanied him. The poem gives a capital resumé of such a day’s sport, and the machinery of it is skilfully managed throughout — as for example when the greyhounds and the pointers are forgotten, to make necessary an allusion to the old method of deer-stalking, when perhaps for a whole day the hunter, on his back and side, pushed himself by swamp and heather till within shot of his victim. The minuteness of the Bard’s [87] topographic lore is quite remarkable, as well as his skill in weaving it into a poetic web of simple narrative and bardic flow, which will bear comparison with any production of the kind.
I |
Slàn do na fir ghléusda, | |
---|---|---|
Chaidh shealg do Sheumas Og. | ||
Thug Domhnull Donn do ’n bheinn iad, | ||
’S cha léir dhoibh leis a cheò. | ||
’S na ’n creideadh sibh mo sgealachd-sa, | ||
’S cha ’n fhiach leam bhi ri bòsd, | ||
Mu’n d’rainig iad Alt-éiginn | ||
Bu tric na feidh ga’n leòn. | ||
II |
Gur mithich dhomh bhi ’g éiridh | |
Na ’n deigh’ ’us mi bhi falbh, | ||
Mur dearmad mór a dh’ éirich | ||
Tha mac na h-eilde marbh. | ||
Faigh gach ball a dh’ fhéumas e, | ||
’Us sgéudaich an t-each dearg | ||
’S an tarruinn e na feidh dhomh, | ||
’Sa bheinn sa bheil an t-sealg. | ||
III |
Bha aca airm cho ciatach | |
’Sa bh’aca riabh de’n t-seors’. | ||
Gur e sud bu mhiannach leò, | ||
Ach rinn iad di-chuimhn’ mhòr. | ||
[88]Dhi-chuimhnich iad na miol-choin, | ||
’S bu chianail bha na seòid, | ||
Gun urrad ’s na coin-eunaich ac’, | ||
A dh’fheuchadh dhoibh na h-eòin. |
||
IV |
Ach ’s lad is fearr gu tialaidh, | |
A chaidh air fiadh an tòir. | ||
Air crataichean ’s air cliathaichean, | ||
A’g iarraidh damh na cròic. |
||
Mur b’e nach d’fhuaireadh miol-choin; | ||
Bu mhiannach leam dol leò | ||
Bu docha leam na ciadan, | ||
Gu’m faighinn trian de’n spòrs’. | ||
V |
Oir b’ eòlach air an fhiadhach * mi, | |
A triall le miol-choin sheang. |
||
’Us sheòlainn dhoibh na criochan, | ||
’San tric a riab mi mang. | ||
S bho na tha sibh inntinneach, | ||
S mi cinnteach as bhur laimh, | ||
Fiachaibh na h-Uilt-riabhach. | ||
’Us iarraibh Glaic-nan-allt. | ||
*Fiadhach: abounding in deer; a deer forest. | ||
VI |
Fiachaibh Carn-a-chaochain | |
’Us bun an aonaich thàll, | ||
[89]Diribh suas aig Fraoch-choire, | ||
’S troimh Choille-dhaoine nàll. |
||
Fiachaibh an t-Altcaorainn, | ||
Am bheil a h-aon diubh ànn. | ||
Us gheibh sibh air bheag saothrach iad | ||
Mar fhuair na daoin’ aig Fionn. |
||
VII |
Fiachaibh Carn-a-ghluasaid, | |
’Slochd Ruairidh, * bhiodh iad ann. | ||
Gheibhte boc ’us maoiseach; | ||
’San Fhudhaich laogh ’us mang — | ||
Mur d’fhuadaich iad le caoraich iad, | ||
Dha’n saodachadh a fang. | ||
’S gur mór an t-aobhar smaoineachaidh | ||
Mar chaochail srath nan gleann. | ||
* “Ruairidh nan sealg” was a celebrated hunter who gave name to a Coiredho cave, to this day called “Uaimh Ruairidh.” |
||
VIII |
Aig Glas-bheallach gu’u tàmhainn |
|
’Us faighaid laidir ànn. | ||
Bhiodh geard air beallach Mhuinuderig, | ||
Gille ’s cù air sreang. | ||
Do Gharbh-choire na Sgùr, x | ||
Cha bu shugradh a dhol ann. | ||
’S tha coireachan gu h-iosal, | ||
’S thug Nial * an t-urram dhoibh. | ||
* Nial: A well-known fox-hunter and deer-stalker - “Nial Brochdair”. | ||
IX |
[90] An Coire-sgreamhach; ’s cinnteach, | |
Our e cuile frìdh nam beann. | ||
Tha Coire-mheadhoin sìnnte ris, | ||
S bu toil leum sgriob thoirt ànn. | ||
An Gleanna-fada ’s fàsach e, | ||
Tha math gu àrach mhang. | ||
Is e ’n Tigh-mór is bathaich dhoibh | ||
Nach ceanglair air an ceann. | ||
X |
’Us b’e Tigh-mor-na-seilg e, | |
’S cha ’n e tigh dha ’n ainm bhi ànn. * | ||
Cha chluinnear braghadh urchair, | ||
Bho dha thulchainn gu dha cheann. | ||
Cha bhi coin ’ga’n teirbheirt ann, | ||
No ni ach leumraich dhanns’, | ||
Cha b’e tigh-na-seilg’ e | ||
’Us b’e n t-seirbhe bhi dol ann. | ||
* The Inverness hall, called the Hunt Hall, where the annual gatherings are at the close of the shooting season. | ||
XI |
Bho Bheallach-mór-an-amaisge, | |
Do chite bhos ’us thàll, | ||
Chite Beinn-an-imire | ||
’Cuid firichean ‘us ’ghleann’. | ||
’Us chuirinn geall gu’m buannaichean, | ||
Mu’n fhuaran th’ aig a ceann: | ||
S dhe ’n imir’ bheirinn sguaban | ||
XII |
[91] Gu ciobach, creamhach, sealbhagach; | |
Gu seamragach le mionnt. | ||
Tha biolaire an fhuarain ann, | ||
Se ’n luibh is uaisle th’ann. | ||
Tha gach luibh a chulas ann; | ||
Na ’m buaininn i na h-àm, | ||
Thionailinn na sguaban dhiubh. | ||
’S an luachair orr ’mar bhann. | ||
XIII |
Tha Eilerig na dha ann, | |
S tha sgùr na dha ’sa ghleann, | ||
S tha Coire-’n-lochain-uaine, | ||
S tha Leac-nan-ruadhag ànn. | ||
Gheibhte ri droch uair iad, | ||
An Alt-a-bhuilg gu ’n càll. | ||
’S cùm ri Alt-na-heirbhe | ||
’S tha n t-sheilbh ud anns gach bàll. | ||
XIV |
Roimh TolI-a-chreagaich b’abhaist dhoibh | |
Le stràchd a dhol na’n deann. | ||
Aonach-sasunn, ’s sraid aca, | ||
Sa phairtidh dol na’n ràng | ||
Nam biodh eagal namhaid orr’, | ||
’Se ruith is tearnadh dhoibh. | ||
Is tric a leagadh làdach orr’, | ||
Am braighe leac na’ meann. | ||
XV |
[92] An Coire-bodach-ghobhar | |
Chuir’ othail iad na’n still, | ||
Gheibhte ’n Coire-chnaimhean iad, | ||
’Na meall a dol a dhìth. | ||
Seas air Bac-na-friodhachd, | ||
’S ma thig iad na bi clì. | ||
’S an Coire-gorm b’e ’n àiridh e, | ||
Gu gillean fhagail sgìth. | ||
XVI |
’S gheibt’ air Lag-na-cóinnich, | |
Damh dónn, nach cróm le spìd | ||
Tha ’n coire bh’aig Mac-Mhuirich ann, | ||
’Us elid a choin chrìn, | ||
’S ma bhios tu ’g iarraidh aithghearra, | ||
Gu gearradh os an cionn, | ||
Tha drochaid air Toll-easaidh | ||
’S cha chosd i bónn do ’n Righ. | ||
XVII |
Tha Coire-gaoth-an-ear ann, |
|
S tha pailteas ann do chuirn. | ||
S cha teid aon a mhilleadh | ||
San innis th’air an cul. | ||
Tha coireachan UiIt-bheatha ann, | ||
Gu’m feitheamh air gach taobh, | ||
S iad àiteachan cho briadha | ||
Sa chunncas riamh le m’ shùil. | ||
XVIII |
[93] S tha coir’ ann a thug bàr orra, | |
Tha math gu àrach laogh. | ||
’S tha creig nan gobhar lamh ris, |
||
S bith’ sràid ac’ air a druim. | ||
Aig Carn-na-fiudhaich dh’fhag iad sibh, | ||
Seach braighe ’Choire-chruim. | ||
San Coire-chiach bhiodh sailleachan, | ||
Aig fear mo ghràidh Iain Dónn. | ||
XIX |
S aig leachduinn na Cloich-glaise, | |
San leigte coin air eill. | ||
An doire dhamh bhiodh ranail, | ||
Aig tim na dàire féin. | ||
’Si ’n aois a chum a bhan mi, | ||
Gun mi bhi làmh ri ’n céum. | ||
’S ann agam a tha farmad | ||
Ri sealg an latha ’n dé. |
THE BARD’S BENEDICTION TO THE SHIP “GLEN MORISTON”: BEANNACHADH BAIRD DO’N LUING.
In the beginning of this century, and not long after the opening of the Caledonian Canal, Mr.Robert Sinclair, afterwards factor on the Glenmoriston [94] estates, built a ship on the banks of Lochness, near Invermoriston. The vessel was built chiefly of native timber, as much as possible by native artizans, and named “The Glenmoriston.” It was befitting, therefore, that at its launching it should have the native Bard’s benediction — “beannachadh Baird.” So, Archibald Grant, in presence of a large gathering of spectators, recited the following original piece, quite Ossianic in style, and containing, within so small a space, more Ossianic lore than any piece we know of the same length.
Beannachadh Baird do n luing, |
|
S boidlich’ tha coimhead fo’ cuid siùil. | |
Sud na lamhan thaghainn dhuibh, | |
’S radhagh paigheadh thoir ga chionn. | |
’N Luchd-sgairte-feadha a bh’ aig Fionn. | |
Rasg mac Radharig ’o ’n Fheinn, | |
Chitheadh roimhe ’s as a dheidh. | |
Streap Mac Strigum thon a chruinn, | |
Bhiodh an Gramaiche ’sna ruip, | |
’N curaidh cama-chasach air stiùir. | |
S Mac-an-lorgair thon na gaoith, | |
Dheanadh lorg air muir ’s air tìr, | |
’N a’ biodh teannachadh air muir, | |
Bu mhath Caoilte ’s Mac-an-luin, | |
Cha do chuir air sliabh a chois, | |
Air nach beireadh e ’luaths ruith. | |
Bha fear eile falbh ri’n cois, | |
‘S mòr a chealgaireachd bha leis. | |
[95] Ghoideadh e ’o ’n chòr an t-ubh, | |
Sa da shuil a coimhead air. | |
Gille nan cochullan craicainn, | |
Cha b’ èsan gaisgeach bu mheasa. | |
Dh’ aon eiginn ga ’m biodh orra, | |
Cha dheanadh ni dolaidh airsan. | |
’N uair a dh’ éireas soirbheas àrd, | |
Air sheòl ’s nach cluinn iad guth le gàir. | |
Cluinnidh esa’ ’m féur a fàs. | |
’S na ’bu chunnart bàis bhiodh aca, | |
Bhiodh an Garbh mac Stairn na’ntaice, | |
Eagal an capul a ghearradh. | |
Thairneadh esan suas an acair, | |
’N àm bhi togail rithe ’n aodaich | |
’G òl a searragan le faoilte | |
Bithidh ioram aig fir òg us seanachas, |
|
Aig taobh Lochnis nam bradan tarrgheal. | |
Ni ’s binne na sheinn Calum mac Uighean | |
Aig ceann Lochaisart tighin’ a Uist. | |
Cha ’n eil port ’s am fiach i h-aghaidh, | |
Anns nach cluinnear ainm an t-soithich. | |
Le fabhar da ’n ainm an Giubhas, | |
Gleanna-mòr-easan-domhain. | |
Chualadh mi sean fhocal roimhe, | |
S bheir sinn gu crioch e fathast, | |
“S boidheach an gleachd, bhi ’ga choimhead, | |
kn long nodha, sa’ seann rudha.” |
|
‘S iomadh luchd ’us turus sealbhach, | |
Bheir i do Shasunn ’s do n’ Ghearmailt. | |
’S truagh nach i a bh’aig Righ Albainn, | |
[96] A chaidh dhith aig Carraig Feargus. | |
Cha chuir tonn na muir-sgeir-traghaid, | |
Cha chuir oirre cunnart bathaidh. | |
’S fearr i na ’n long a bh’aig Manus, | |
Mac Righ Lochluinn nan gniomh gabhaidh; | |
’N uair a chuir e fios gu Fionn | |
Gu’n robh soitheach aig air burn, | |
’Us mar dean thu geilleadh dhuinn | |
Bheir sinn Eireann as a grunnd. | |
Labhair Feargus nan arm grinn | |
’S tapaidh ’n rud a thuirt thu ruinn, | |
’Se cuig cùigibh a th’innt’, | |
’S math an luchd dhuibh cùigibh dhi. | |
Ach bheir i so leatha iad uile, | |
Eadar chnuic ’us shluichd ’us mhonaidh | |
Cha ’n fhag i fiu bean na duine, | |
Nach toir i leatha air aon turus. | |
Gur ann innt tha ’n rùm le cumadh, | |
Farsuinn cliabhach, dionach, sruthach, | |
Cha ’n eil muc na beist bhios roimpe | |
Nach marbh ’si dian na siubhal. | |
Fhuair sibh roghadh ’s taghadh saoir dhi, | |
Shnos, ’sa shnaidh, ’sa ghlan, ’sa ghlaodh i. |
|
Cha robh coimeas dhoibh ri fhaotainn, | |
’O nach tachradh Goban saor ribh. | |
Fhuair sibh gobhainn mar an ceudna, | |
Cho math sa thug a teallaich iarunn. | |
Cha chualadh mi ’leithid, na sgial air, | |
Ach an gobhainn bh’aig na Fianntan. | |
Rinn iad i le strì gun chabhaig, | |
[97]Sleamhainn sliom, gu mìn maidreach, | |
Fiodh le bìgh, ’s nach d’inndrig carraig. | |
A craobhan direach gun mhìr leamhair, | |
A dh’fhàs, sa chinn, ri’r linn ’s Tombealluidh. | |
Se Ian Grannda ghearr sa shnas iad, | |
A ghillean sgairteil òg, a chrois iad. | |
Na h-eich bhailgfhionn mheanbh-bhreac chroidh-fhionn. | |
Na h-eich chaola aotrum leathann, | |
Nach gabh éis, on’ theid na’n deighe; | |
Chaidh na sailbhean a tharruinn leotha. | |
Nuair a ghluais na fir bho chal’ i | |
Air uisg’ fuar nam fuaran fallain. | |
Nuair a thog iad breid fo brataich, | |
Dh’fhalbh i gu luath leumnach sradach, | |
Le gaoth ga seideadh thair an aigean. | |
’Us gaoir nan stuaidh mar fhuaim na gaillionn, | |
Cha ’n eil ni ann chuireas as di | |
Ge b’e cunnart dhi ’ga’n tachair. | |
Leigidh mi dhiom a bhi ga leanail. | |
Dh’fhalbh i cheana. | |
Faiceam slàn i ’s gach àit, ’san fan i | |
’S ’on chuir sibh féin thugam soraidh, |
|
Fhuair sibh beanneachd. |
[98] THE WELCOME: ORAN NA FAOIGHE.
Finlay Macleod was piper to James Murray Grant, Esq., and a native of Glenmoriston. After studying under such masters of pipe-music as the McIntyres of Rannoch and the Macrimons of Skye, he became a famous performer on the great Highland bagpipe. When Sir Allan Cameron — Ailean nan Earrachd — raised his regiment of Cameron Highlanders, Finlay joined them, and at the close of the Peninsular War, returned home with a pension. Scarce of provender for his cattle, he ventured with his “oinseach,” as he calls his bag pipe, to go the round of all the Glen farmers, great and small, for help to tide over the approaching winter; and the Bard, in easy pleasant style, chronicles the incidents of his tour — the places he visited, as well as the names and liberality of donors. Appropriately, the family Bard records in good poetry the success of the family piper’s musical tour, and the liberality and friendly benevolence of the Laird’s kindly tenantry.
I |
Gur mise fhuair an fhaoighe, | |
---|---|---|
Mar dh’ innseas mo rànn. | ||
[99] Nuair a thug mi saighdeag, | ||
A dh’ ionnsuidh an Tuim. | ||
’S teann gur e mo gheall | ||
A chaidh chunntadh a nall. | ||
Thuirt gach te dhe ’n triùir, | ||
Ma ’s e Fionnladh a th’ ann, | ||
Thoir sachd an eich dha, | ||
Thugibh freisd air, | ||
Gun bhi beag na gànn. | ||
S ge d’ nach eil na daoin’ ànn, | ||
Cha ’n fhaod e bhi ’n càll. | ||
II |
’Sin do labhair Padruig | |
’S b’e ’n àraichd ri inns’, | ||
Gheibh e rud an drasda, | ||
’S gach àite ’sam bi. | ||
Fiach nach bi ri ràdha, | ||
Gu’r fearr iad na sibh. | ||
Bheir mi fhin a dhà dha, | ||
S gu’m b’ fheairde e trì. | ||
’S tha mi toileach air a mholadh, | ||
Dh’ fhag e toilicht’ mi, | ||
Dh’ òlainn a dheoch slàinte, | ||
‘S gach àite ’sam bi. | ||
III |
An Crasgaidh tha na h-uaislean, | |
Gun chruas air an laimh, |
||
Thug iad sud mar dhùchas, | ||
Bho n’ fiurain a bh’ ann. | ||
[100]Granndaich ’us Cloinn-Domhnuill, | ||
Luchd chomh-stri nan Gall, | ||
Luchd a sheasamh ’cruadail, | ||
Sa bhualadh nan lann. | ||
Thug iad dhomh rud, ’s gu’m be ’n toil e | ||
’S thoir mo shoraidh dhoibh; | ||
Bho na bha mo phocaid | ||
Gun storas san àm. | ||
IV |
Am Baile-an-droma shios | |
Cha bu mhiann leo bhi gann. | ||
Buidheann nach robh biasdail, | ||
Cha ’n fhiach leo bhi ann. | ||
S thug iad dhomh gun iarraidh, | ||
Ni bliadhna do’n chlann. | ||
Do choirce math siolmhor, | ||
Se lionadh gach bann. | ||
Le mèud an toil, a bh’ aca dhomh, | ||
’S cha b’ ann airson mo chall, | ||
Chuir iad dhe mo rian mi | ||
Le fiachainn an dràm. | ||
V |
Am Baile so nan carn, |
|
Anns an d’àraicheadh mi. | ||
’On deacha mi do’n Spainn, | ||
’S dheth n’ Mharch bha mi sgìth | ||
’S mi m’ Phiobaire Maidsear | ||
A b’fhearr bh’ aig an Righ | ||
[101] ’Us gur h-iomadh charge | ||
Agus blàr san robh mi. |
||
’S bho ’n bha mi falamh a tighin’ dachaidh | ||
Le mo choireachd fhìn. | ||
Chuir iad bar na h-àthainn | ||
Dhomh làn air a phill. | ||
VI |
’S ann a tha na h-armuinn | |
A thamh ’m Baile-’n-Tuim | ||
Thug iad dhoomh an là ud, | ||
Na ’s fearda mi chaoidh. | ||
Chunnaic sibh a’m chàs mi, | ||
S bu chairdeil bha sibh. | ||
’Us Ian thug e bhàn mi | ||
’S an tamhainn ri seinn. | ||
Le piob ga spreigeadh, ’us ceol feadain, | ||
Mar do thionail cloinn, | ||
’S chualadh na bha marbh sinn | ||
Mu’n d’fhalbh sinn de ’n Luib. | ||
VII |
’N Dulchreicheard tha na seòid, | |
S cha ’n e boilich a th’ànn. | ||
Bha adagan gu leoir, | ||
Air an lòn air mo chionn. | ||
’Us iad a tighin’ me chòir | ||
’Us an oinseach a’m’ laimh. | ||
Cluinneam do chuid ceòil, | ||
’S theid an còr a chuir ànn, | ||
[102]’O chruas na creige | ||
Fuaim ’ga fhreagar, | ||
Mar Mhactalla ’n gleann. | ||
Bheir mi dhut a dha | ||
Thuirt an Taillear ’s e danns’. |
||
VIII |
Bho ’na bha mi dearbhta | |
’Us earbsach ga chionn. | ||
’N uair ruiginn Toraghoill |
||
Gu’m biodh aoibh aca rium. | ||
Gu’m faighinn rud a b’ fheairde | ||
Cacha ’s mi fhìn. | ||
Uisgebeatha laidir, | ||
‘S gur fearr e na phrìs, | ||
Bho dhuine tapaidh, uasal tlachdmhor, | ||
S cha robh esan clì | ||
A thainig ’o Righ Feargus, | ||
Thug Albuinn fo chìs. | ||
IX |
Gur mise nach robh ’n éis, | |
’N uair leum mi ’n t-Alt-ruadh. | ||
’S gur e Maighstir Grannda | ||
Chuir ceann air a chruaich. |
||
’S na b’fhear a dheanadh dàn mi, | ||
Gu phaigheadh na dhuais, | ||
Dh’ innsinn cuid de abhaist | ||
A nadur ’us uaisl’. | ||
Gu’n ’n robh bhuaidh ud | ||
[103] Ga do leanailt, | ||
Aig a bhail’ ’s uaith. | ||
’Shiol Ailpean ’o na Ghreig, | ||
Tha thu féin ’s na thig uat. | ||
X |
Bha ’n Siosalach tha ’m Blairie |
|
Gle phairteachail rium, | ||
’S mar tha fhios aig cacha | ||
Bha ’n nadur ud annt’. | ||
Thug iad roimhe màl | ||
Airson da fhocal cainnt, | ||
Do Aonghas nan aoir, | ||
S cha robh aon fhear dhiubh ’n call | ||
’S mór an onair air a shon dhoibh, | ||
Nach robh brosgul ann. | ||
Cha ’n eil aon ’san àite | ||
Is cairdeile laimh. |
||
XI |
Tha Cloinn-Iain-Ruaidh Libhisi | |
Rioghail gun mbeang | ||
Thug iad neart do mhìr dhomh | ||
’S theid inns’ air an rànn | ||
Sean a tha bhur sinns’reachd | ||
Air cinntinn bho ’n dréum. | ||
Tha corr us tri cheud | ||
Oidhche mhuirt bha ’n | ||
Gleann-a-comhann | ||
Bho n’ shiolaich iad ànn | ||
Bha droch gnothach ann | ||
[104]’S iad a thog an t-oighre | ||
’S ghabh greim dheth air ball. | ||
XII |
A bhuidheann a tha lamh rium, | |
Cha nàr leum an luaidh, | ||
Tha ’n t-achadh tha gu h-àrd aca | ||
’N drasd air a bhuain. | ||
S chuir iad fios a bhàn, | ||
Mi bhi ’n àirde gu luath, | ||
Gu’m biodh orra tamailt, | ||
Na’n tamhainn-sa uath’. | ||
Cha bi ’n airc, a fhuair mi aca, | ||
Cha do chleachd iad cruas. | ||
S iad is fearr gu fialachd | ||
Bha riamh san Taobh-tuath. | ||
XIII |
’N uair chaidh mi as an dùthaich | |
A null gu Macaoidh. | ||
Gu’m bu bheag na shùilean | ||
Na ghiulaininn leam. | ||
Thug a bhean gu cuiseil mi | ||
Dh’ ionnsuidh a ruim. | ||
Mar thug Anna direach | ||
Am Piobaire dall. | ||
Ach tha mi tuilleadh agus draghail, | ||
Air an tigh a th’ ann, | ||
Rachainn fichead mìle | ||
A phiobaireachd dhoibh. | ||
XIV |
[105]Theid mi nise suas, | |
Mar a ghluaiseas a ghréin. | ||
S an ruig mi Fear Phort-chlàr, | ||
Sliochd nan armuinn bha tréun. | ||
Compach an Tigh-thabhuirn, | ||
’S a phaigheadh ga réir. |
||
C’ àit’ am faicinn d’ aicheadh, | ||
A Ghaidheil air feill! | ||
Siol nan Righrean, a bha ’m Muile, | ||
S tusa bun mo sgeul. | ||
S tu a mheur is uaisle | ||
Tha dh’ uaislean Shrathspè. | ||
XIV |
Tha Donnachadh mac Phadruig, | |
Gle àraid gu leoir. | ||
Cha chion cuireadh dhàsan, | ||
Nach d’ thar mi na choir. | ||
Olach a thug bàr air, | ||
Cha d’ thainig e beò. | ||
Ge d’ thigeadh ciad, | ||
Thug e nios iad gu bord. | ||
Sar bhiataiche ceann rathaid, | ||
S mi nach labhair sgleò. | ||
Ge d’ fhanainn-sa ’mo thamh | ||
Dh’ innseadh cach’ air an córr | ||
XVI |
An Caiptean tha san Aonach, | |
Tha taobh aige rium. | ||
[106] S mise ’n duine faoin, | ||
Nach do shaothraich mi ànn. | ||
Fhuair mi ’n uiridh caora, | ||
Air thaod as an fhang. | ||
S gheibhinn rud am bliadhna, | ||
Na ’m b’ fhiach leam dhol ann. | ||
Cha d’ thig dhomh bhi mò’s bleideil | ||
Air an tigh a th’ann. | ||
’S tric a chuir e ’n cuinneadh, | ||
Gun chunntadh a’m’ laimh. |
A EULOGY ON JAMES MURRAY GRANT, ESQ: ORAN MOLAIDH DO MHAC-’IC-PHADRUIG.
James Murray Grant, Esq., was the Bard’s ideal of a Highland Laird—noble, generous, affable; mingling freely with his people, and able to converse in their native Gaelic—a prime accomplishment in the Bard’s estimation. The occasion is a rent day, which the Laird’s hospitality and kindliness always made a happy day. Finlay, the piper, is introduced with his piobrach strains to awaken the echoes all round. So a conversation between the Bard and Mactalla (Echo, or Son of the Cave) follows, which gives further scope to his Bardic strains, in appreciation of the high qualities of his beloved patron and chief.
I |
[107] Theid mi le m’ dheòin’, dh’ Inbhir a cheòil | |
---|---|---|
Dh’ amharc an Oig uasail ann. | ||
Seumas nan gleann, Oighre nam beann, | ||
Bith’ guibhas ri crann suas aige | ||
Dh’ aithnaichean do chéum, | ||
Air thoiseach nan céud, | ||
Aigeanteach gle fhuasgailte, | ||
Marcach nan steud | ||
Air thoiseach do threud | ||
Gun choimeas tha n tréun uasal ud. | ||
II |
Thug e ’n duthchas ud léis, | |
A bhi ceannasach glic, | ||
A réir mar thig ris, gluaisidh e. | ||
Allmhara glan, ainmeil gun smal, | ||
Anamanda gle chruadalach. | ||
Siobhalta còir, mileanta mòr, | ||
Ceannas a’m mòd uaislean thu, | ||
Measail ort féin, | ||
Pailt ri luchd théud, | ||
Gliocas ’us ceill fuaighte ruit. | ||
III |
’S tu sine ’sa ’s òig’, a dh’ imich air fòd, | |
’S cumaidh tu beò an dualachas. | ||
Tha thu theaghlach nan Rìgh is còir a bhi ’m prìs. | ||
Air Piocaich do rinn iad buadhachadh. | ||
[108]’O sheachd Righrean déug, | ||
Do shiol Ailpean bho ’n Ghreig, | ||
Do ’n chraoibh aca féin bhuaineadh thu, | ||
S leatsa na d’ fhéum, Granndaich Shrathspe | ||
Mar ri Griogairich thréun Ruadhshruth ud. | ||
IV |
’N uair thigeadh tu ’n àird a thogail a mhàil, | |
Bhiodh aighear ’us gàir, mu ’n cuairt dhut ann. | ||
Le toileacha mòr bhiodh tional air sloigh, | ||
Gheibheadh iad sògh uaith-san. | ||
Ge d’ bhiodh fear ann nach paigh, | ||
Cha bhi e an call. | ||
S e their e, na caill tuathanach. | ||
Cha ghabh sinn air càs | ||
Faigheadh e dail | ||
’S chi e mi paight’ uaireigin. | ||
V |
N uair sheinneadh Mac-Leoid | |
Air mullach an Toir, | ||
S am fiaghte na seòid mharanach. | ||
Gu sgalanta cruaidh, bhodhair e m’ chluais, | ||
Bha chaithream mar fhuaim tairneanaich, | ||
Mactalla nan creag ga fhreagar gu deas, | ||
’Se labhairt an deich cananan. | ||
’S gun theab e bhi muigh, tur as a chreig, | ||
’S nach fhagadh sibh stigh samhach e. |
||
VI |
.[109] Ann an sin thu’irt mi ris,Dean fuireach rud beag, | |
’S fagaidh sinn greis samhach thu. | ||
Tha bliadhn’ agus còrr, gus an d’ thig an ath mhòd, | ||
’Us an tionail na seòid ’a an àite so. | ||
’S tha cadal gu leòir, dhut anus a chòs, | ||
Gus an d’ thig an ath cheòl lamha ruit. | ||
An sinn thubhairt es’ | ||
Cha chreid mi dheth smid, | ||
Se labhairt an deas Ghaidhlig rium. | ||
VII |
Ge d’ sgaoileadh am mòd s’, | |
Tha àm a tighin’ oirnn, | ||
An Nolaig le ’ròic àbhaiseach. | ||
S bheir a Challuinn dhi ’n clèoc, | ||
S bithidh gillean gu leòr | ||
Aig imeachd san t-seòl a b’abhaist dhoibh. | ||
Tha fhios agad féin mar tha mi an éis, | ||
Gun fhois anna a chòs thamha so. | ||
Se Fionnladh Mac Leoid, le inneal a cheòl | ||
Dh’ fbag mise gun seòl tamh agam. | ||
VIII |
S ann a dh’ fhéumas mi triall, | |
Sios do Chreigeun, | ||
Tha i ’o chian na fardach dhomh. | ||
Tha fear dhe mo sheòrs’, | ||
[110] Cho sean ris a cheò, | ||
A fuireach ’sa sgòr is airde dhi. | ||
Ach ge d’ rachainn do ’n | ||
Bhun bith’ mi ’n sin air mo chur; | ||
Agus thathuinn iad tur sa Bhraighe mi. | ||
’S cha bhithinn a chaoidh, | ||
Cho mòr air mo claoidh, | ||
Na ’m fagadh sibh ’n aon àite mi. | ||
IX |
Gur e b’ fhasa dhomh fhìn, | |
Re na theirig de m’ thim, | ||
Gun fhear ealaidh, no piob ’chuir fàilt’ orm. | ||
Cha robh goirteas mo chinn, | ||
Ga m’ fhagail cho tinn, | ||
S ma leanas mi ribh gu ’n sgain sibh e. | ||
Bha mi greis air bheag ceòil, an Inbhir nan corn, | ||
Fhuair mi fois ann na choir, nach b’ abhaist dhomh. | ||
Ach bheothaich e suas, ’us bhothair mo chluas’, | ||
As ùr, rinn am fuaim mo sharuchadh. | ||
X |
Gu ’n cuir mi ort ceist. ’N uair fhalbhas am fears’, | |
Am fan thu sa bheachd sa ’m fàg e thu? | ||
Fhreagair Esan le sproichd, | ||
“Ge d’ dheanainn ort lochd, | ||
Bu truagh leat mo chor, ’s mo charamh-sa. | ||
Cia mar chumas mi ris, ’s nach lasaich iad’ feasd. | ||
Chaidh ’n cadal ma seach ma-thrath orm. | ||
’Nuair chuireir fo ’n fhòd gach neach mar thig òirn, | ||
Bith ’n ath fhear ’us seòl chaich aige. |
[111]
DAN POSAIDH: A MARRIAGE ADDRESS.
The following piece was recited by the Bard at the marriage of Miss Elizabeth Grant, second daughter of James Murray Grant, Esq., to Mr Pierson. It is in Ossianic style, and chiefly remarkable for the minute knowledge the Bard has of the bride’s family connections. She is related to the Grants of Grant, the McGregors of Glenlyon, the Frasers of Lovat, the Mackenzies of Gairloch, Lord Seaforth, the Duke of Argyle, Locheil, Glengarry, McDougall, and Macleod. He shows how widely the rooftree of his patron and chief has spread its roots; and we vouch for it, had the Bard been tested viva voce, he could in every instance give in detail the connecting links. His memory was equal to it, as well as his store of genealogical lore.
Deoch-slaint’ na càraid a dh’ fhalbh, |
|
’S math a shealg an duine còir. | |
Dara nighean Mhic ’ic Phadruig, | |
Bithith i maireach na bean òg. | |
’S mór tha cairdeach dhi-sa dh’uaislean, | |
Gaidheil chruadalach gu leòr. | |
’O Shrathspe shloinnte nail i | |
’O na Granndaich ’s àird’ tha beò | |
[112]Luchd nam feileadh beag, ’s nam breacan, | |
Thilleadh iad gach creach ’us tòir, | |
Nighean Rail Mhic-Griogair, | |
Bhaintighearna ’sine de ’n t-seòrs’, | |
Bha cheud té a bh’ air an Dùthaich, | |
O Chaisteal Dùnaidh nan corn. | |
Bha i oidhch’ ann, a gabhail an rathaid, | |
’S an ath latha, bha i pòsd’. | |
Agus ogha Thighearna Ghearloch, |
|
Iain a Chragain sa bhraithrean | |
’Si bu mhathair do na seòid. | |
’S cairdeach thu do Iarla-Shiphort, | |
A réir ’s mar chaidh innse dhomhs’, | |
S do Mhac-’ill-Leathan ’o Dhubhairt, | |
Do ’m bu shuaicheantas bhi mòr. | |
S tha thu cairdeach do Mhac-Cailean, | |
Laoich bho charraig nan seòl. | |
’S thainig thu bho Ridir Eoghan, | |
Leomhann na gaisge mòir. | |
S mar an céudna bho Iain dìlis, | |
Fhuair an Gleann bho ’n Righ san t-Sroin | |
Gu’m b’ e oighre Gharaidh-fhaid e, | |
Ge d’ leig e thairis a chòir. | |
S mu theid mi ga d’ shloinneadh uile, | |
Their mi ’o Mhurraich ’s Greumaich mhòr. |
|
Agus Tighearna Shrathairdeal, | |
Ceannasan a measg nan sloigh. | |
Mac-ic-Alastair ’o Ghairidh, | |
’Thogadh brataichean de ’n t-sròl. | |
[113]’S theab nach cuimhnichean Siol Uisdean, | |
’S Mac’ Ic Dhughail mar bu chòir. | |
’S thubhairt Ian Buidhe Macphadruig, | |
Gu’m bheil thu cairdeach do Mhac Leoid, |
ORAN AN ETCH.
The authorship of this piece, is ascribed to John Macdonald, alias Glaiseach, and is here given as a specimen of the harmless burlesque in which Highlanders sometimes indulged, of which we have several instances in the poems of Rob Dónn, the Sutherlandshire Bard.
It appears one or more, either of the author’s horses, or those of a neighbour, had strayed and after a fruitless search, two active young fellows volunteered to continue it, confident of success. Meantime the horses are found, and it was accidentally discovered that the adventurers, instead of searching for the horses, as they pretended, amused themselves gathering mountain berries. This gave scope to the Bard’s light raillery at their expense, and the following comic production is the result.
I |
’N cualadh sibhse an còmhlan | |
---|---|---|
A chaidh Di-domhnaich do n’ mhonadh. | ||
’Chuir an fhoighid ri cheile, | ||
’Chuir na feidh as a chuileann. | ||
[114]Dh’iarraidh ’n eich a bha dhì orr’ | ||
B’fhearr nach fh’aca sinn riamh e | ||
Ge do b’fhiach e sheachd urrad. | ||
’S bha ’n t-each ro mhath. | ||
II |
Air m’ fhocal-sa bhraidean, | |
Gu’m bu ladurna riamh thu. | ||
’S math a b’fhiach dhut thoirt dhachaidh | ||
Ge do chosdadh tu mios ris. | ||
Chuir mi teas na do bhroilean, | ||
Leis a bhotal ga d’ riarach’. | ||
’S rinn mi cuirm mar chuirm bainnse, | ||
Chuireas fang oirn am bliadhna. | ||
Ma ’s teid e ceart. |
||
III |
Ma rinn thu cuirm mar chuirm bainnse, | |
Chuir thu ’n airidh sin oirne, | ||
Cleas na gaibhr’ air a bhainne, | ||
Rinn i shallach ’sa dhortadh. | ||
Cheart rud rinn an taillear, | ||
’N uair a phaigh e na dh’òl e, | ||
Cha robh do bhila ’s tigh-shainse, | ||
Aon oidhche ’n uair dh’òrduich mi, | ||
Phaigheadh as. | ||
IV |
[115] S mor an nàire do leithid | |
A bhi eithich mu’n cuairt dhuinn. | ||
Dh’òl thu uachdar a bhainne, | ||
Le lann chraisg air a bhualadh. |
||
Mar ri peice math mine, | ||
Chuir an nighean mu’n cuairt ann, | ||
Rud a dh’fhoghnadh dhut seachduinn, | ||
No ’m biodh do chleachdanna stuama. | ||
’S tu bhi gu math. | ||
V |
Chuir mi ’n t-uachdar ud dhachaidh | |
Na bu phailte no fhuair mi, | ||
Air oibreach’ le lanaid | ||
A chinn chrannaich ’ga bhualadh. | ||
Chluinte freagradh Mhictalla, | ||
’N uair bha ’m bail’ air a luasgadh, |
||
Leis an fhuaim bha ’san t-Sibhridh, | ||
A chuir gaoir ann mo chluasan. | ||
Nach teid as. | ||
VI |
Cha’n e chuir gaoir ’na do chluasan | |
Ach an fhuaim bh’ aig na pàisdean. | ||
’S iad gun chomhnadh gun athair, | ||
Gun fhear tigh’ air an làrach, | ||
’N uair a chaidh mi do’n mhonadh, | ||
’N duil nach pillinn gu brath as. | ||
[116] ’Us na faicinn a chailleach | ||
A bha na cadal sa Chràthach.* | ||
Cha tiginn as. |
* The “Crathach” lies between Glenmoriston and Strathglass, and was supposed to be inhabited by a Hag, with whom some of the passers by had at times fearful conflicts. The Hag was an object of terror, but always disappeared at dawn.
VII |
Cia mar chitheadh tu ’chailleach, | |
---|---|---|
’Bha na cadal sa Chràthach. | ||
Oir bha ghrian air an athar, | ||
’Us bha ’n latha ann an tràth sin. | ||
B’fhearr gu’n gabhadh tu Srathan, | ||
Null thairis gu Aigeis. | ||
Mu’n do phìll thu cho ghrad, | ||
Gu ar glacadh sa chàs so. | ||
Gun sinn dhol as. | ||
VIII |
Cia mar sheasas mi ’n làrach | |
’Us na mearlaich cho faisg orm. | ||
Ruigidh mise Mac-Phadruig, | ||
Gus an sàr e na th’aca. | ||
Gar ’m biodh aca gu phaigheadh, | ||
Ach a spàr ’us na cearcan. | ||
Theid a chunntadh na làthair, | ||
S cha bhi nàrachan tapaidh. | ||
S cha dean e math. | ||
IX |
[117]Ruigidh sinne fear lagha, | |
Cha dean cladhaireachd féum dhuinn | ||
Saoil thu ’m paigh sinn da uair dhut | ||
A mhin san t-uachdar le cheile. | ||
Bho na phaigh mi do’n Osdair, | ||
Na h-uile òl a bha ’n dè ann. | ||
Feumaidh sinne laborras, | ||
Mu’n dean thu dolaidh no eucoir, | ||
Air neach sam bith. |
||
X |
Cha dean sinn dolaidh air creutair. | |
Mar biodh eucoirich lamh ruinn, | ||
Dheanadh naigheachd do bhreugan, | ||
Agus sgeulachdan granda | ||
Bhiodh aig innseadh gu’n ghlac iad, | ||
Anns a Ghlaisbheinn an t-àigeach. | ||
Chuirinn buannachd ’na ’m pachda | ||
Rud a mhaireadh gu brath dhoibh | ||
Na ’m biodh iad ceart. | ||
XI |
Mar do ghlac sinn e ’n Glaisbheinn, | |
Thug e astar na b’fhearr sinn. | ||
Bha ruith nam fear cas-ruisgt’, | ||
Ann an glaic Doire-bhràghaid. | ||
Chuir e Padruig le stachd, | ||
’S chaidh Ian Glaiseach an càthair, | ||
[118]’S chaidh fear eile an slochd dhiubh, |
||
’S thug am proidseach an àird e | ||
Le tarruing mhath. | ||
XII |
’S beag an t-ionadh e thachairt, | |
Ge d’ bu bhacaich gu brath sibh. | ||
Chaidh sibh shocach nan dearcag | ||
’S bha sibh bristeadh na Sàbaid. | ||
Chuireadh riaghailt’ na h-eaglais, | ||
Latha seasamh air Padruig. | ||
Bho ‘n bha chloinn air am baisteadh | ||
Thoill e achmhasan granda, | ||
Nach robh e glic. | ||
Turnbull & Spears, Printers, Edinburgh. |
Chapter 2 |